Lyrics to Gràdh Geal Mo Chridhe
'S iomadh oidhche fliuch 'is fuar
Ghabh mi cuairt 'is mi leam fhìn
Gus an d' ràinig mise 'n t-àit'
Far an robh gràdh geal mo chridh'

Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth

Dhèanainn treabhadh dhuit is buan
Chumainn suas thu gun dìth
Bheirinn as a' ghreabhal chruaidh
Do mo luaidh teachd an tìr

Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth

Ged nach eil sinn fhathast pòsd'
Tha mi'n dòchas gum bi
Fhad' 's a mhaireas mo dhà dhòrn
Cha bhith lòn oirnn a dhìth

Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth