Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig Lyrics

Mary Chapin Carpenter

Looking For The Thread

Lyrics to Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig
Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh

'S olc a fhuair sinn crodh nam baran
Bodaich bheag' nam briogais gheala
Cha b' iad a b' urrainn air an fhalachd
Ach fir Strath-Eireann 's Strath-Narrainn

'S olc a fhuair sinn crodh nan Ròsach
Is Clann-Chatain air an tòrachd
Baran liath na coise breòite
'S air mo dhaoine-s' rinn iad feòlach

'S a Chrò-chlach am Braigh Srath-Eireann
Oidhche dhorch' air nach bu léir dhaibh
'Cur nan saighdean ait a chéile
Thuit mo leannan 's deich fir threuna

Nuair a shaoil leam bhi gu uasal
Am bhean-taighe Achaluachrach
S ann a tha mi gu bochd, suarach
Bleoghann a chruidh feadh a bhuachair

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh